Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Anna Murray > Into Indigo > Gad Ionndrainn
|
Gad Ionndrainn |
| Credits : | Traditional; arranged by Anna Mhoireach |
| Appears On : | Into Indigo |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Lyrics : | English Translation : |
| Nach mis' tha gu trom | My heart is heavy |
| Glas chiamhaig nam cheann | My hair is turning gray |
| Tha mi brist', tha mi aonranach brònach | I am broken, lonely and sad |
| Oir tha màthair mo chloinn | For the mother of my children |
| Bean mo ghaoil is mo mhnaoi | The woman I loved, my wife |
| Anns a' chladh air an Aoidh fo na fòidean | Lies buried in the graveyard at Eye |
| Cha thuig duine gu bràth | No one could ever understand |
| Meud mo mhulaid 's mo chràdh | The extent of my grief and pain |
| Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair | My children have been left motherless |
| Chan eil madainn no oidhch' | No morning or night passes |
| Nach bi mi ga caoidh | Without my lamenting her |
| Air a son shil mi deòirean gun nàire | Without embarrassment, I have shed tears for her |
| Tha an sgiath a bha blàth | The wing which was warm |
| Air a càradh 's na clàir | Is buried in the coffin-boards |
| 'S bha do bhàs dhuinn mar deireadh an t-saoighail | And your death was like the end of our world |
| Oir tha'n dachaigh 'bha blàth | For the home which was warm |
| Lan gaol agus gràdh | And full of love has been plundered |
| Air a creachadh, 's na ballan air sgaoileadh | And the walls have been destroyed |
| Cha teid mionaid do bhàis | I will never forget |
| As mo chuimhne gu bràth | The moment of your death |
| Bha do chlann air do chùram nad éiginn | Your children nursed you in your suffering |
| Nuair a dhùin mi do shùil | When I closed your eyes |
| Bu ro bhòidheach do ghnùis | Your face was so beautiful |
| Mar an ròs fon an driùchd anns a' Chéitein | Like a dew-decked May rose |
| Tha mi cinnteach, a luaidh | I am certain, my love |
| Gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas | That you are in Paradise above |
| Tha na dh' fhuiling thu nis air do chùlaibh | All you suffered is now behind you |
| Gus an dùin mi mo shùil | Until I close my eyes |
| Anns a' chadal nach dùisg | In eternal slumber |
| Ga d' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit | I will miss you, and praise you |